Camanachd Leòdhais

Tasglann Camanachd Leòdhais: A’ comharrachadh fichead bliadhna

Lewis Shinty Archive: Celebrating twenty years

Mar phàirt de dh’oidhirp Leabharlainn nan Eilean Siar tasglannan na coimhearsnachd a dhèanamh nas ruigsinneach, agus ann an co-obrachadh le Camanachd Leòdhais, tha sinn a’ cur ri chèile cruinneachadh a chomharraicheas camanachd mar phàirt de dhualchas agus de chultar nan Eilean Siar, agus mar phàirt de bheatha bheòthail an-diugh.

Bidh Camanachd Leòdhais a’ comharrachadh an 20mh fèill-bhliadhna san t-Samhain, agus tha Leabharlainn nan Eilean Siar moiteil a bhith nam pàirt den tachartas seo, a’ toirt sealladh air dualchas agus coileanaidhean a’ chluba, agus air a’ cheangal a th’ aige ris na h-eileanan.

Bidh an cruinneachadh seo na dhachaigh do dhealbhan agus chuimhneachain Chamanachd Leòdhais, a’ toirt sealladh air eachdraidh a’ chluba agus air a’ choimhearsnachd a tha air a chumail suas thar nam bliadhnaichean.

 

As part of Western Isles Libraries’ ongoing effort to make community archives more accessible, and in collaboration with Camanachd Leòdhais, we are developing a collection that celebrates Shinty as an integral part of the cultural past and vibrant present of the Western Isles.

Camanachd Leòdhais will celebrate their 20th anniversary this coming November, and Western Isles Libraries is proud to contribute to this milestone by offering insight into the club’s heritage, achievements, and the connection it holds with the islands.

This collection will be home to digitised images and memorabilia of Camanachd Leòdhais, providing an insight into the club’s history and the community that has supported it.